"... shuas air an sgeilp eadarnaiseanta..."
Aonrachdanas na maidne ann an Uibhist. Ceò air a’ Bheinn Mhòir, na geòidh air taobh thall an locha, agus a h-uile duine air thalamh air a dhol gu tiodhlaiceadh – ach aon ghille beag a tha trang a’ sireadh na spitheig as dòigheile leumas thar aghaidh an locha. Agus an uair sin, gun rabhadh sam bith, a’ mhadainn chiùin air a sgoltadh na mhìrein le othail; manadh: “carbad-eich, le each geal is each ruadh air an toiseach, ’s each dubh is each glas air an cùlaibh”; agus, shuas àrd air spiris a’ charbaid, cumadh mòr, drùidhteach, cumhachdach, ann an aodach dubh, is cuip na làimh: Mgr Eairdsidh “aig àirde a shagartachd”…
Sin mar a chuireas sinn eòlas air dithis de na prìomh charactaran san nobhail ùir aig Aonghas Pàdraig Caimbeul. ’S e sgeulachd làn draoidheachd agus mhìorbhailean a th’ innte, ach tha an t-ùghdar ga toirt thairis ann an dòigh tha an dà chuid fìrinneach agus measail. Tha i mar dàn mòr anabarrach, ach tha i air a lìonadh le eagail is acras is sòlasan na meanbh-dhaonnachd. ’S e nobhail làn eachdraidh is beul-aithris a th’ innte, ach tha i a’ buntainn gu tur dhan latha an-diugh. Tha an stoidhle-sgrìobhaidh (eadar bròn is àbhachdas, creideamh is mì-chreideamh, riochdalachd agus os-nàdarrachd) a’ cosnadh àite dhan nobhail seo shuas air an sgeilp eadarnàiseanta, ri taobh obair sgrìobhaichean mar Louis de Bernières, Laura Esquivel, Keri Hulme, Toni Morrison, gun luaidh air Gabriel García Márquez, air a bheil an Caimbeulach fhèin cho measail, agus, aig amannan Flann O’ Brien.
’S e sgeulachd Eòin – gille beag na spitheige – agus a theaghlach a th’ ann. Sgeulachd nan sgoltaidhean spioradail is corporra, fìrinneach agus àibheiseach, a thig orra thar nam bliadhnaichean. Na dleasdanasan a dh’fheumas iad uile coileanadh dhaibh pèin mum faigh iad mathanas airson na feadhainn air an do rinn iad dearmad. Mum faigh iad buaidh air an dàn a tha gan ceangal agus gan cuingealachadh: roòrdanachaidhean na h-eachdraidh, na bochdainn, na cràbhachd; impireachd an uachdarain, an airm, agus na h-eaglaise, a chumas smachd air an treud agus a ghoideas na searraich òga as fheàrr air Latha na Fèill Màrtainn.
Tha leabhar a’ Chaimbeulaich freumhaichte gu domhain ann an dualchas. Teagasg na Crìosdaidheachd, deas-ghnàthan na h-Eaglaise Caitligich, beul-aithris nan Uibhistean, nan Gàidheal, nan Ceilteach ro-Chrìosdail. Nochdaidh an sagart ùr do dh’Eòin mar aisling de chumhachd bheannaichte – mar “Gabriel, no an t-Àrd-aingeal Mìcheal”. Ach tha Cù Chulainn – àrd-churaidh nan Gàidheal – a’ siubhal ri taobh an t-sagairt, na charbad “seang, sgolbanta, dìreach, uidheamaichte airson euchdan churaidh, cho clis ris a’ ghaoith no ri gobhlan-gaoithe, no ri fiadh a’ sgiutadh thar nan cluaintean rèidh; dà each luath ga tharraing – fiadhaich, olc, grinn-cheannach, caol-cholannach…”1 Agus air taobh eile an athar urramaich tha rèisimead Ghàidhealach, nam measg Alasdair MacColla (“làmh dheas gu sgoltadh nan caisteal”2), Dòmhnall Ruadh Chorùna agus a shinn-sinn-seanair, agus fear de na shinnsirean aig Eòin fhèin – Eòin Lachlainn Mhòir ’ic Iain Mhòir ’ac Dhòmhnaill Alasdair (curaidh Borodino) ’s e “mar Chonal Gulban fhèin” le chlaidheamh “sìosadach, suasadach, a ghearradh a naoi naodhannan air a dhol a-null, agus naoinaodhannan air a thighinn a-nall, agus a ghlacadh e fhèin na làimh chiand’ a-rithist e.” Nuair a sgoltas Sìneag ceann a h-athar le spaid, agus nuair a sgleogas Màiri (a tha na caillichdhuibh aig an àm!) ceann a’ phoilis ann an Lunnainn, ’s e meud an dochainn a rinneadh air boireannaich a dh’adhbhraich fearg nam buillean purgaideach. Ach ar leamsa gur e spiorad na Sgàthaich (a’ bhan-churaidh Sgitheanach a dh’ionnsaich Cù Chulainn) agus na Ban-rìgh Maidhbh (a sgolt na beanntan le fuil mus d’ rinn Cù Chulainn an gnothach oirre) a bha stiùireadh nan làmhan aca. Nuair a ghiùlain màthair Eòin an duin’ aice air a druim bho Uibhist a Deas gu Loch nam Madadh, is cinnteach gu robh Macha (a choisinn rèis an aghaidh charbadan nam fir nuair a bha i an impis dithis chloinne a bhreith) gu cinnteach ra taobh. Agus aig deireadh na sgeulachd – nuair a lorgas Eòin agus Seasag beatha iomlan air cùl na beinne – chan ann mar ainglean air tuiteam a tha iad idir, ach mar Naois is Deirdre ri taobh Loch Èite, no an dithis gun urrainn a bhios a’ sìor-shùgradh san òran traidiseanta “Bothan Àirigh am Bràigh Raineach”. Rud a thuig na h-Uibhistich choibhneil a bha cho gaolach ris an dithis leannan, cho deònach dèirc agus mathanas agus mar sin saorsa a thoirt dhaibh.
’S e Brabazonian Special de thuras a th’ aig an leughadair ann an carbad suasadach sìosadach a’ Chaimbeulaich, ’s e a’ leum air ais ’s air adhart thar nam bliadhnaichean agus nan linntean cho aotrom (agus, feumar a ràdh, cho mì-riaghailteach) ri spitheig. Aig amannan tha an carbad an cunnart a dhol bun os cionn buileach: b’ iad sin na hamannan a b’ fheàrr a chòrd riumsa. Fìor chorra uair leig e sìos mi le sgleog nach do chòrd rium idir: an stoidhle-sgrìobhaidh a’ fàs ro dhlùthchàirdeil: “mise” – an t-ùghdar – a’ nochdadh, cò aig tha brath cò às, a chur nar cuimhne gun do leugh sinn siud no seo roimhe ann an caibideal nas tràithe (an caibideal ceàrr, mar a thachras, aon turas!) no a mhìneachadh dhuinn carson a thachair rudeigin nach robh feumach air mìneachadh idir nuair a dh’èirich e gu nàdarra amach às an aithris. Agus bha deireadh na sgeulachd mìorbhailich seo air a mhilleadh gu ìre (dhomhsa co-dhiù) le pìosan air an cur ris, deireadh an dèidh deiridh, mar siomphanaidh Beethoven, ach gun am faothachadh coileanta a gheibh sinn nuair a chluinneas sinn an dùnadh mu dheireadh mu dheireadh. Mu dheireadh. Beagan deasachaidh a dhìth an-siud ’s an-seo, ma-thà, ’s dòcha, gus an dealan-dè a leigeil ma sgaoil gu sàbhailte agus gu saor. (Meatafoirean a’ dol am measg a chèile! Tha mi duilich, ach tha leabhar a’ Chaimbeulaich cho beartach le ìomhaighean buaireasach.)
Ach a-rèist, às dèidh nan sgoltaidhean uileadh a thàinig air coimhearsnachd na Gàidhlig thar nan linntean, ’s e mìorbhail a th’ ann gu bheil luchdlitreachais ionmholta fhathast ann a tha deònach agus comasach nobhailean ùra a shireadh agus a dheasachadh.
Chuir Aonghas Pàdraig Caimbeul roimhe nach fhreagradh cruth àbhaisteach dha na ceistean mòra spioradail, dualchasach a bha air aire san nobhail seo. ’S e co-dhùnadh calma a bh’ ann: chan e a h-uile leughadair a thuigeas dè bha fainear dhan churaidh gheur-chùiseach, bhàrdail seo. Ach ’s e leabhar annasach a tha e air a shnaidheadh dhuinn, a tha gar toirt suas dhan iarmailt, agus a’ freagairt a h-uile ceist a thogas e aig ìre a tha tòrr nas doimhne na briathran. Tha sinn fada na chomain.
1 (Táin Bó Cuailnge – an eadar-theangachadh agam fhìn.)2 Là Chùil-lodair, le Iain Lom Copyright @ Anna Latharna NicGhillIosa 2004