Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail –Lèirmheas air Aibisidh
Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich 
30mh Sultain 2011

Bi gu leòraig a bheil cuimhn air Bàrdachd GhàidhligMhicBhtair: leabhar sgoinneil, ach a tha dùnadh sruth bàrdachd nan Gàidhealtràth ‘s an 19mh Linn.

Bha bàirdbaile againn, nach d’fhuair cliù sam bith ‘s an sgoil: do Sgiathanaich bhioshMàiri Mhór, Iain Dubh Dhomhnaill nan Òran, is eile, air am meas nam measg. Bhadà thrian den 20mh Linn gu bhi seachad mus d’fhuair ginealach òg iomradh airbàird nan àm fhèin, Somhairle MacGill-Eain aig an ceann.

Mar athachair, bha mo leth-bhreac de’n “Aibisidh” fosgailte aig an dàn “Eadar anCuilitheann is an Cuan Sgitth: mar chuimhne air Somhairle MacGill-Eain”, ‘s midìreach leughadh paragraf ann an leabhar neo-àbhaisteach, “Physics Impossible”le Michio Kaku – fear-saidheans ainmeil a Siapan.

B’e ghlacm’aire gu robh an sgoilear àraid seo ag innse gu bheil obair meanbhachd cho fadair adhart ‘s gu’n sgrìobhar litrichean na h-aibisidh a nise le dadamanfa-leth. Anns a mheanbhachd tha iomadachd.

Agus thaiomadachd (le dlùth air air na meanbhachdan) anns an “Aibisidh” seo,cruinneachadh ùr Aonghais Phàdraig Chaimbeul, aon de ghinealach ar latha a thatoirt neart iongantach do litreachas na Gàidhlig.
Tha anleabhar roinnte ann an trì earranan: Geamachan, Aibisidh agus An Turus Ud.

Bhiodh efìor a ràdh gu bheil cuid dhe na dàin anns a’ chiad earran geamachail, ach thaam fear a tha gabhail an ainm fhéin stèidhichte air dàn le Vasko Popa, Serbeachbho shinnsireachd Romàineanach, a bha sgrìobhadh ri linn nan riaghaltasComunnach – agus, mar a bhiodh dùil, gheibhear measgachadh de dh’iarannas isos-fhìreachas na chuid bhàrdachd, rud air a bheil an Caimbeulach a’ togail gusnasail.

Agus butacar a dh’fheumar trusadh, seach gèim a bh’ann an “Iteagan Hiortach” do naHiortaich fhèin. Ach ‘s dòcha gun aidicheadh am bàrd gu bheil rudeigingeimeachail mu “Fàisneachdan Choinnich Ghobhair is Seanfhaclan Eile”, ged isann fo Aibisidh a tha e nochdadh. Tha blas os-fhìreach agus fathann aoireil, agheibhear anns na Fàisneachdan, na stiol a cur ti tuar an leabhair air fad, achchan ann gu dìomhaireachd a ghiùlain. Ach sin, dh’fhaodar a ràdh, AonghasPhàdraig.

Chan eildàn anns an leabhar nach eil soilleir, simplidh na chruth: na saoil gu bheiliad faoin, ged-tha. Gheibhear dealbh neo smuaint anns a chiad leughadh: leugh arithist, ged-tha, is tha leugan ùra ri’n togail.
‘S dòcha gusaoil thu gu bheil e ri cleas: faic na tionndaidhean anns a’ chriomag seo às“Aiseirigh nam Marbh”, a-mach bho dhualchas nan Gàidheal do dh’uamhasan ant-saoghail is air ais dhan teaghlach aige fhèin, is dàimh ri togail eadarseanair agus na fhauir bàs ann an eaabar Phasschendaele agus an dà thùruamahasach:
                Alasdair Mòr na Grèige!
                Alasdair MacMhaighstir Alasdair!
                Alasdair Mac ChollaGhasda! O hó, trom éile!

 


                À Passchendaele nammìltean móra.
                Às na Twin Towers.
                À Uaimh Fhraing anEige.

 


                Mo sheanair!

 


Chan eil cuspair nach gabh fhighestaigh do dhàn: dèanamh iarainn, grabhataidh, luchd-ealain an t-saoghail marMandelstam, Dante, Marina Tsvetaeva, Cezanne, El Greco, sgeulachdan à cuimhneis beul-aithris. Tha inntinn fhidreachail, dha bheil gach nì a tabhainnmìorbhail, a’ gluasad tromh gach dàn ‘s a chruinneachadh.

 


Uaireannan, tha aneadar-theangachadh a gabhail tionndadh nach eil anns a’ chiad sgrìobhadh, margun robh am bàrd a gabhail cothrom, anns an dàrna sgrìobhadh, smuaint eilerùsgadh. Ann an “Anna a Chiaradh”, tha “ro linn ùr na gealaich! A dol gu“before man jumped over the moon”.

 


Airson an “Aibisidh” fhèin, tha egabhail na plòigh gu ceann an rathaid, leis a Bheurla buileacheadardhealaichte, seach gu bheil gach tùs-litir a’ leantainn na h-aibideil –ach gu spòrsail. Ach chan eil mi buileach cinnteach carson a tha “fir gun ròpa”ann an “Iteagan Hiortach” a’ tionndadh gu “men on ropes”.

 


Tha na dàin ceudna, ged-tha, a’tabhainn dhoimhneachdan faireachdainn dhuinn. Tha itean Hiort nam màl dhanuachdaran agus nan cluasagan do shaighdearan ‘s a Chrimea lom: tha fadabharrachd air eachdraidh is eaconomachd, faoineas fasain ‘s bròn, a’ suaineadhtromh’n dàn seo, ann an ceithir deug loidhne theann.

 


‘San aon dòigh tha “An Ciaradh” naleus, a’ soilleireachadh beatha anns an dà sheagh: na tha aon neach a’ blasadair, agus an cearcall tìme anns a bheil pearsa agus coimhearsnachd air angiùlain.
‘S na canamaid “clach anns a’ chàrn”ach cnàimh eile ann an corp beò na Gàidhlig.

 


Tha bàrd, agus bàrdachd, againn anna sheo anns am faos sinn a bhi fìor mhoiteil.

 


Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail – Lèirmheas, Pàipear Beag an EileinSgitheanaich, 30mh Sultain 2011.
Using Format