Nuair bhios an dàn ag obrachadh ceart, chan e gnothach talmhaidh a tha ann an sgrìobhadh. Buinidh na briathran as fhèarr dha na nèamhan, thairis tìm. Agus nuair a ghreimicheas a leithid sin air sgrìobhaiche,mar tha follaiseach nan nobhail seo, tha cumhachd gabhaltach air a chùlaibh.
Coisichidh aon neach beinn is machair: bidh ceud mìle rionnag a dèarrsadh a-nuas air, ach chan fhaic e aon dhiubh mar sholas air ashlighe. Bheir neach eile ceum bheag a-mach chun na starsaich air beulaibh antaighe agus cuiridh sealladh mìorbhaileach nan reultan stad air. Chì an neachsin gach reul mar bhunaid air a chruthachaidh agus mar lasair anns amhac-meanmna. Tha e mar gum biodh na nèamhan air las le dìomhaireachd a chruinne-cè, an dà chuid mòr agus mionaideach. Do neach a chì, tha an solas atha soillseachadh anns an dorchadas a togail cheistean a bharrachd air freagairtean, cràdh cho math le glòir.
'S e duine le inntinn anfhoiseil a tha ann an Aonghas Phàdraig Caimbeul, no mar as fhèarr as aithne dha na h-Uibhistich e, mac Eòghainn Mhòir Aonghais Nìll Aonghais Iain Mhòir. Tha e follaiseach gu bheil e mothachail air dà cheann na beatha: air aoibhneas agus air fulangas, agus airsàilleibh sin gu bheil e deònach stad agus e fhèin san saoghal a cheisneachadh.'S tha e cheart gu follaiseach nach eil e dìreach a sireadh fhreagairtean dha fhèin, ach fuasglaidhean a nì feum dhan t-saoghal gu lèir. Feumar fianais na làithean a dh'fhalbh chan e mhàin a sgrìobhadh sìos ach a ghlaodhaich omhullach nan taighean: thig bàs air corp, ach tha spiorad mhic an duinemaireannach. Tha na chaidh seachad mar ionmhas phrìseil dhan fheadhainn a thabeò an-diugh, agus tha muinntir an latha an-diugh a' deasachadh a bhùird, acuir mòine air an teine gus suidhe sìos agus còmhradh a dhèanamh ri clann anlatha am-màireach. Tha eachdraidh an dè beò an-diugh, agus tha clann an latha am màireach a' feitheamh na sgeòil. Leis an leabhar seo tha Aonghas Phàdraig a'dearbhadh gu bheil e na sheirbhiseach dhìleas eadar an dè, an-diugh agus am-màireach.
Tha an neach a bheir seachad beachd air na sgrìobh duin'eile daonnan buailteach coimhead air na beachdan as intinniche agus as annasaiche a tha an sgrìobhadair eile air toirt am follais. Chan eil gainneidsam bith de bheachdan domhainn agus annasach san leabhar seo aig Aonghas Phàdraig: tha iad ann ann am pailteas. Ach is e a chiad rud a bu mhath leamsaa' ràdh mu dheidhinn an leabhair seo is e gun do chòrd e gu mòr leam, agus mara bha mi a' gluasad bho dhuilleig gu dulleig gun robh e toirt toileachadh dhomhagus togail dham spiorad. 'S e seo leabhar a tha dìleas don Ghàidheal agus doneileanach. Gu dearbh, 's e seo a' chiad leabhar ann an Gàidhlig nach b'urrainndhomh a chur sìos gu furasda gun toirt orm smaointean gu domhainn mu bhìth 'smu bheatha: thug e orm ràn agus gàire.
Mar Ghàidheil, bha sinn riamh air ar beannachadh - agus aigamannan air air mollachadh - leis an spiorad làidir a chaidh a ghineadh unnainn: spiorad a bheir oirnn deuchainn a dhèanamh air colannan agus air gachnì saoghalta. Ann an eachdraidh nan Ceilteach nach iomadh ìompaireachd a dh'fhaodadh air a bhi aca - nach robh an Ròimh fhèin fon casan airson barrachdis bliadhna? - ach a dh'aindeoin sin chan e togalaichean cloiche a bha nam miann agus dh'fhàg iad sin uile as an dèidh.
'S e daoine spioradail a tha anns na Ceiltich. Faodaidh eaglais agus creideamh ar spiorad a' neartachadh neo a' lagachadh, ach tha eair a dhearbhadh nach mùchaich eaglais no creud ar spiorad. Chì sinn seo gusoilleir anns an teaghlach a tha an leabhar seo a dealbh dhuinn. Tha spiorad làidir unnta. Tha neart mòr a' ruith tron teaghlach. Ma dh'fhaoidte gun do cheannaich Armailt Bhreatainn collain Gàidheal aig àm bochdainne agus goirt,ach cha do cheannaich Còirneal no Briogaidier riamh cogais nan Gàidheil. Fhuair Alasdair, am mac as sinne san teaghlach san nobhail seo, onair agus uaisleachd tron arm ach cha d'fhuair e fois dha chogais gus an do chur e cùl glan ris.
Chan eil agad ach laigse spiorad daonna talmhaidh a cheangal ri spiorad a tha tighinn mar ghràs bho Dhia - agus gu h-àraid ma tha an gràs sin air a thoirt am follais ann am pearsa eaglais, ann an sagart Caitligeach -agus tha cinnt agad air sàr dheagh stòiridh. Tha Aonghas Phàdraig a toirt sin dhuinn anns an uirsgeul seo. Eadhon anns a chiad dhuilleag tha sagart, gille atha gu bhi na shagart, an t-aingeal Gabriel, an t-Ard Aingeal Mìcheal agus -saoilidh tu - feachdan fhlathanais gu lèir a nochdadh, agus mar sin, tron nobhail air fad, tha Dia, bàs agus beatha, olc agus mathas, gaol agus gràin,eaglais agus pearsachan-eaglais air an rannsachadh agus air an ceisneachadh, gutric air an dìteadh ann an dòigh agus nach eil cinnt air fhàgail fo thalamh. Bi creidmhich Uibhist, far am bheil mòran dhen nobhail air a shuidheachadh,taingeil gu bheil Dia air fhàgail beò ged, gu mi-fhortannach, tha e ri fhaicinn gu bheil an deamhan cuideachd gu math làidir!
Bhiodh leabhar-rannsachaidh mu na cuspairean mòra sin trom agus doirbh ri leughadh, ach tha comas is cumhachd an t-seanchaidh aig an sgrìobhadair, agus aig an-sin tha eachdraidh a' ghille òg seo, cùram an dachaigh agus beatha athair agus a mhàthair, a pheathraichean agus a bhràithrean a cumail na sgeòil air ghleus agus an leughadair air bhioran chun na lide mu dheireadh. Tro bheatha gach caractar tha sinn a cur eòlas air staidiomadach nì a bha riamh na aobhar meòrachaidh aig àm nan seann chèilidhean aira' Ghaidhealtachd agus nan eileanan: na gnothaichean bunaideach a tha chun anlatha diugh nan cuspairean-iongnaidh am measg nan Gàidheil.
Tha e còrdadh leinn, saoilidh mi, a bhi a faighinn eòlas airdòigh beatha nan eileanan anns na linntean a chaidh seachad, agus tha an leabhar seo - cha mhòr anns an dol seachad - a toirt fiosrachadh mòr dhuinn air eachdraidh, staid eaconomaigeach agus dòigh-smaointinn nan daoine air eilein Uibhist tro na ceud gu leth bliadhna chaidh seachad. Bho na làithean a tha aira bhi, tuigidh sinn carson, mar eiseimpleir, a gheibh thu aon bhana-eileanach na ceannard air òrdagh cràbhach agus tè eile na Bànrigh-Maiseach ann an Canada.Tuigidh tu carson a tha aon Ghàidheal na dhuin'-uasal air ceann poileis ann an Lunnain fhad's tha fear eile ga bhàthadh fhèin as an Thames air sàilleibh dhrugaichean. 'S tuigidh tu carson a tha feadhainn eile gu domhainn am bog a'sgrìobhadh leabhraichean agus a' seinn òran! Mar a chì sinn anns an leabhar,bha cogadh cuideachd ann an eachdraidh agus ann am fuil an eileanaich, agus bhamòr-thìrean an t-saoghail beag air an son. Tha na h-aimisirean sin air tighinngu crìch 's tha an leabhar cuideachd gar cuideachadh ann a bhi a' dìteadh faoineis agus truaillidheachd chogaidhean. Tha barrachd gaol an-diugh air dòigh beatha agus cultar nan eilean, agus mar as motha a bheir na h-eileinean cosnadhis urram dhan òigridh 's ann as lugha bhios feum air eilthireachd - rud eile achì sinn anns an nobhail seo a rinn cron gu leòr. Tha e soilleir, fiùs anns an sgeulachd dhuilich seo, nach ceannaich nì saoghalta anam agus cridhe an eileanaich!
Anns an leabhar seo gheibh sinn Gàidhlig bhrèagha Uibhisteach, Gàidhlig a tha agus a bha air beul a' phobaill, Gàidhlig nam bàrd agus nam prìomh sgrìobhadairean, leithid Dòmhnall Ruadh Phàislig agus fear air an robh Aonghas Phàdraig eòlach nuair bha e na b'òige - Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn nan Aoireann. Aig a cheart àm tha faclan ùr air tighinna-staigh dhan chànain agus chan eil eagal aig Aonghas Phàdraig air feum a dhèanamh orra, neo gu dearbh air faclan ùr a chruthachadh. Tha snas na dhòigh sgrìobhaidh; tha i sìmplidh ach tha an comas aige air dealbh bhrèagha a dhealbha bhiathas am mac meanmna ann an doimhneachd. Tha comas àraid aige, saoilidh mi, air mòran dhiofar smuaintean a cheangal teann còmhla dìreach le beagan fhaclan.
Cha ghabh co-dhunadh a dhèanamh air na beagan bhriathran seo bhuamsa gun a cheist a cur: an e mi-thoileachadh ri creideamh, agus gu h-àraid ri creideamh agus cleachdaidhean na h-Eaglais Chaitligeach, a dh'aobhraich an leabhar seo? Dh'fhaodadh Aonghas Phàdraig bhi air an taobh sin a ghabhail, 's bha a chead sin aige, ach saoilidh mi fhèin gu bheil an sgrìobhadair a sealltainn gu mothachail 's gu h-ealanta air cuspairean fada nas farsainge. Tha e mar an iolaire, ag èirigh àrd os cionn na talmhainn, agus ri sùil gheur a'coimhead air cor beatha dhaoine tro na linntean, a' meas an cleachdannan agus luach am beatha. Chì an iolaire-sheilg ceann luch am beul an tuill, agus chan eil teagamh nach eil Aonghas Phàdraig a' faicinn, a' tuigsinn, agus a' cur annan sgrìobhadh smaointinn dhaoine ann an dòigh fhìor phearsanta. Tha cridhe gach aon air fhosgladh dhuinn mar gum biodh tu a' fosgladh doras do dhachaigh. Aig a cheart àm is e dìomhaireachd mhòr a th'ann am beatha mhic an duine, ann am fulangas, ann am maitheas is olc, ann am peachadh 's ann an gràs. Choimhead Aonghas Phàdraig gu domhainn agus gu farsaing, ach dh'fhàg e sinn leis a'cheist.
Tha mise, a chaidh àrach ann am Bòirnis, far am bheil annobhail seo air a freumhachadh, agus a chur seachad bliadhnachan ann am Blairs agus anns an Spàinn, a leugh Plato agus Aristotle agus Augustine agus Antonio Machado agus Tolstoy agus a thill a dh'Uibhist mar shagart, mar a rinn Eòinanns an leabhar, air m' fhàgail leis a' cheist cuideachd. Ma dh'fhaoidte nacheil freagairt ri fhaighinn anns na sgrìobhadairean ainmeil sin air beatha agus creideamh muinntir nan eileanan. Saoileam fhèin a-nis gum bu chòir AonghasPhàdraig sùil na h-iolaire a thionndadh gu Peig Sayers anns na h-eileanan Blaskett. Bha fulangas agus bròn ann am beatha Pheig, ach bha dathan na mara,farsaingeachd nan speuran agus àilleachd a chruthachaidh a' toirt glòir agus toileachadh dha beatha nach do dh'fhalaich i riamh.
Fàgaidh sinn sin airson an ath leabhar. Ach canaidh mi seo, ann an cànan nam bochd an-seo: El tiempo va a determinar si esta novela deberá ser considerada como una de las grandes piedras monumentales que seo encuentran en las montanas de Escocia que se admiran desde la distancia o llegara a ser un punto de referencia de la literatura novalesca. Merece su puesto trascendental en la historia.
Maighstir Cailean MacAonghais
Bòirnis,Uibhist-a-Deas agus Quito, Ecuador