SANN fìor ainneamh a laigheas "leabhar-bòrd-cofaidh" Gàidhlig air an deasg agam - ach saoilidh mi gur e sin a chanadh tu ri Suas gu Deas: Two Hebrideans Walking from the Butt to Barra Head le Aonghas Phàdraig Caimbeul agus Cailean MacGill-Eain (Urras Leabhraichean nan Eilean, £20). A dh'innse na fìrinn chan eil ann ach leth-leabhar Gàidhlig, oir tha e ann am Beurla cuideachd.
Rinn an dithist an sgrìob ann an sìde bhrèagha as t-samhradh 2007 son prógram teilidh. Ach tha leabhar 'na chreutair tur eadar-dhealaichte. Tha mi a' moladh na dithist 's nam foillsichearan gu mór air son na phac iad a-staigh. Tha e iongantach 's tha e brèagha. (Rinn Aonghas Phàdraig na faclan 's rinn Cailean na dealbhan.) Tha Aonghas Phàdraig a' sgrìobhadh mar a bhios e bruidhinn, agus bidh e a' bruidhinn air leth math. Uaireannan ann am bàrdachd. Tha e ag innse dhuinn gu sunndach mun chuairt, mu na h-àiteachan tron deach iad, mu na daoine ris na thachair iad, mun dol-a-mach aig Cailean a' faighinn nan dealbhan a bha e ag iarraidh, mu na còmhraidhean a bh' aca, 's mu na smuaintean aige fhéin. Tha iad seo connspaideach nuair a tha e a-mach air an airgead a thà, neo nach eil, profeiseantaich na Gàidhlig a' cosnadh. Ach chan e sin uile th' ann. Air na duilleagan far a bheil dealbh mór aig Cailean tha dealbh mór aig Cailean agus siud e. Có dh'iarradh an tuilleadh? Ach air na duilleagan far a bheil sgrìobhadh, tha an treas cuid air a fàgail saor air son rud eile. Uaireannan tha an "rud eile" 'na chaipsean air leth inntinneach (le pìos bàrdachd Ghàidhlig, neo quote bho Dwelly, neo bho Mhàrtainn Màrtainn, no eile) ris an dealbh mhór air an duilleig mu choinneamh. Uaireannan tha e 'na dhealbh beag le caipsean dha fhéin. De dh'aon dha na daoine ris na thachair iad, neo de rud eile. Mar eisimpleir air td 4 tha dealbh beag de Lochs F.C. a' coimhead toilichte agus an caipsean: "'Lochs too strong for Carloway in Jock Stein Cup Final' - Stornoway Gazette, June 2007 Agus uaireannan tha e bàn! Oir tha Suas gu Deas air a dheilbh a réir nan ìrean as fheàrr. Tha e 'na mhodail de phròiseact soirbheachail dà-chànanach. Nì e gibht sgoinneil do dhuine sam bith.